C4S: 24.08.20  – 28.08.20

An t-seachdain seo, rinn sinn obair air cumaidhean 2sh. Dh’ionnsaich sinn mar a bhios sinn ag aithneachadh diofar cumaidhean. 

Leugh sinn “Meusaidh anns a’ choille-uisge” agus sgrìobh sinn stiùiridhean airson siubhal dhan Amason. ’S e coilltean-uisge an cuspair ùr againn.  

Airson slàinte agus sunnd, bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn rudan a tha gar dèanamh feargach. Rinn sinn dealbhan airson sealltainn ris a bhios sinne coltach nuair a tha sinn a’ faireachdainn feargach. Rinn sinn sileagan anns an do chuir sinn rudan a tha gar dèanamh feargach 

A bharrachd air sin, ghabh sinn pàirt ann an co-fharpais sgoile airson postairean làmh sgrìobhaidh a dhèanamh. Gheibh sinn fios an ath-sheachdain air cò bhuannaich bhon chlas againn 

Chòrd an t-seachdain seo rinn gu mòr 🙂