Ann an C4B tha sinn a’ toiseachadh am bliadhna le cuspair mu dheidhinn an sgeulachd Meusaidh anns a’ Choille Uisge. An toiseachd, choimhead sinn air a’ chiad duilleag agus rinn sinn mapaichean sgeulachd airson sealltainn na a bha sinn a’ smaoineachadh a bhios a’ tachairt san sgeulachd.
An uairsin smaoinich sinn mu dheidhinn na dòighean a chleachd Meusaidh airson a’ choille uisge a ruigsinn. Chaidh i air trèan, plèana mhòr, plèana bheag, bàta-smùid agus canù. Sgrìobh sinn stiùireadhan airson Meusaidh agus rinn sinn plèana a-mach à pàipear airson faicinn dè cho fad ‘s a shiubhaladh fear mòr is fear beag.
Bha spòrs againn. Tha sinn airson bàtaichen a dhèanamh an ath-sheachdain.
Tìoraidh bho,
Clas 4B