Cànan
An t-seachdain seo tha bha sinn a’ coimhead air ar faclan cumanta is gach Diciadain tha sinn gu bhith ag ionnsachadh ciamar a bhios sinn a’ litreachadh ar faclan chumanta.
Dh’èist sinn ri stòiridh ‘Ghealltanas Math ag Droch Phaigheadh’ An uairsin bhruidhinn sinn mun stòiridh. Bha sinn ath sgrìobhadh an stòiridh is a’ cruthachadh bùird-stòiridh às ùr.
Bha sinn a’ ruith thairis air a’ bhriathrachas againn is choimhead sinn air ‘Thuirt e’ agus chruthaich sinn dealbhan mun cuairt air stòiridhean le ‘Thuirt e’
Matamataig
Ann am matamataig bha sinn ag ionnsachadh an dòigh cleithe airson iomadachadh fhada. Tha sinn a’ smaointinn gu bheil an dòigh colbh nas fhèarr!! Bha cuid againn ag obrachadh air uiread agus clàran uiread cuideachd.

Thòisich sinn ri bhith a’ coimhead air uair le Mgr Vitry cuideachd.
Pròiseact
Ann am Pròiseact tha sinn a’ coimhead air Alba Nuadh. Bha sinne a’ coimhead Altas na h-Alba. Bha sinn ag ainmeachadh na bailtean is àitichean às aithnichte ann an Alba.

Spàinnteis
Bha sinn ag obrachadh air ‘Mi Rutina Diaria’ – My Daily Routine
Slàinte is Sunnd
An t-seachdain seo thòisich sinn air ‘Ceasnaich Do Bheachd-Inntinn’ Bhruidhinn sinn mar chlas air dè seòrsa beachd-inntinn a bh’ againne. Beachd-inntinn suidhichte no beachd-inntinn fàis. Gu mì-fhortanach tha feadhainn againn a’ smaoineachadh nach eil beachd-inntinn fàis againn…..FHATHAST.