C7S Seachdain 27.10.20

Oidhche Shamhna

Solly mar a’ Bh-uas Nic an t-Saoir

Cànan

Tha sinn air a bhith ag obrachadh air ar faclan cumanta an t-seachdain seo is dh’ionnsaich sinn dè a th’ ann am mòinteach is mòine.

Thòisich sinn air bun-mheasadh sgrìobhadh mac-meanmnach is criochnaichidh sinn seo an ath-sheachdain.

Matamataigs

Tha sinn ag ionnsachadh mu bhloighean co-ionann an t-seachdain seo.  Tha sinn a’ faicinn gu bheil ar clàran uiread is roinneadh uabhasach feumail nuair tha sinn ag obrachadh air bloighean.

Tha sinn cuideachd air toiseachadh air obair fuasgladh cheistean le Mgr Vitry.

Pròiseact

Tha sinn air toiseachadh ag ionnsachadh mu dheidhinn RSHP (Relationships, Sexual Health and Parenthood).  Dh’ionnsaich sinn mu ainmean a th’ againn airson pàirtean den bhodhaig, mu shlàinteachas phearsanta, gnàth-ìomhaighean (stereotypes) is a bhith cothromach.