Clas 1 G s.t. 26.10.20 | Class 1 G w.b. 26.10.20

Tha seachdain air leth mhath air a bhith againn ann an Clas 1 Gorm an t-seachdain-sa. Leugh sinn an sgeulachd ‘Leum Suas air an Sguaib’ le Julia Donaldson agus dh’ionnsaich sinn faclan ùra anns a’ Ghàidhlig. Bidh sinn a’ cumail a’ dol leis an aon sgeulachd an ath-sheachdain. Gheibhear bhidio den sgeulachd air a leughadh an seo; https://www.youtube.com/watch?v=0EA-Xa2KS-o&t=3s

We have had a great week in Clas 1 Gorm. We read ‘Leum Suas air an Sguaib’ (Room on the Broom) by Julia Donaldson and we learned a lot of new Gaelic words. We’ll be doing the same story next week. A video of the story being read can be found here:  https://www.youtube.com/watch?v=0EA-Xa2KS-o&t=3s 

Bidh an clas cuideachd a’ tòiseachadh ag ionnsachadh fonaigs Gàidhlig. Bidh sinn ag obair air na fuaimean c agus a. Dèan cinnteach gun toir thu sùil air post-phàrantan airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn seo agus tha ceanglaichean feumail rim faighinn an sin cuideachd. Bheir an ceangal seo bhidiothan dhut mu na fuaimean cuideachd; https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=2

The class will also be starting to learn Gàidhlig phonics. We will be working on the sounds c and a. Make sure you check parent mail for more information about this and some helpful links are available there too.  This link will give you some videos about the sounds too; https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=2

Dh’ ionnsaich mu dheidhinn Oidhche Shamhna agus faclan ceangailte ris. Bha tòrr spòrs againn Dihaoine. Chuir sinn aodach-brèige oirnn, rinn sinn ceàirdean Oidhche Shamhna is chluich sinn geamaichean cuideachd.  Gheibhear òrain Oidhche Shamhna an seo: https://www.gaidhlig-nan-og.scot/oidhche-shamhna/

We learned about Halloween and words connected to it. We had lots of fun on Friday. We wore fancy dress clothes, did Halloween crafts and played some games. You’ll find Halloween songs here: https://www.gaidhlig-nan-og.scot/oidhche-shamhna/

   

A’ Bh-uas Nic an Tòisich | Mrs Mackintosh