Halo a h-uile duine! Seo dhuibh iomradh beag air na tha sinn air a bhith dèanamh anns na beagan sheachdainean a dh’fhalbh.
Maths:
Ann am maths, tha sinn air a bhith ag obair air dùblachadh agus cumaidhean. Tha sinn air geamaichean a chluich, ionnsachadh a-muigh a dhèanamh agus duilleagan-obrach a dhèanamh.
Seo sinn a-muigh a’ lorg agus a’ togail dhealbhan a-mach à stuth nàdarrach.



Agus seo eisimpleir de dhealbhan a chruthaich sinn de dhìneasar a-mach à cruthan 2sh.

Litearrachd
Ann an litearrachd, tha sinn air a bhith a’ cumail oirnn le bhith a’ sgrìobhadh agus a’ leughadh ar faclan cumanta:

Tha sinn cuideachd air a bhith ag ionnsachadh mar a sgrìobhas sinn litir le bhith cleachadh cromagan, loidhnichean ùra, gu agus bho. Chleachd sinn an leabhar ‘Nì siud a chùis thuirt Na creidheanan’ airson ar brosnachadh.

Leugh sinn stoiridh èibhinn leis an ainm: Dè an t-ainm a th’ ort? Rinn sinn tòrr gàireachdainn agus dh’ionnsaich sinn mu bheathaichean annasach!


Topaic:
Ann an topaic tha sinn air tuilleadh ionnsachadh mu ar coimhearsnachd. An t-seachdain-sa chaidh rinn sinn deasbad mu ‘tramaichean: math no dona’ ann an Lìte. Bha deagh bheachdan aig gach taobh! Chuir sinn oirnn gun robh sinn ann am Parlamaid

An t-seachdain-sa, rinn sinn modaileadh à sgudal agus thog sinn an Royal Yacht Britannia:

Slainte agus Sunnd
Tha sinn air a bhith beagan nas sgìth sna madainean ‘s mar sin, tha sinn air beagan ioga a dhèanamh airson ar dusgadh:

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu bheachd-inntinn fàis anns a’ chlas agus ann an cruinneachadh. Tha fios againn gum bi rudan ùr doirbh an toiseach, ach ma chùmas sinn oirnn nì sinn a’ chùis! Smaoinich sinn air rudan a bha doirbh no eagallach dhuinn aig toiseach an teirm agus mar a tha sinn nas misneachail leotha a-nis:

Tha sinn an-dòchas gum bi deagh laithean-saora agaibh uile! 🙂
