Clas làn Thidsearan
Abair latha spòrsail – thaining sinn uile dhan sgoil le aodach mar tidsear oirnn an-diugh. Bha sinn a’ cruinneachadh airgead airson charthannas Mac a’ Mhaoilain
Matamataig
An t-seachdain seo bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn tomais-lìonaidh. Bha sinn a ag obrachadh a-mach an cuirt-lìonaidh de diofar shoithichean.
Rinn sinn obair air cuir-ris le 3 agus 4 figearan agus bha sinn cuideachd ag obair air urraid le àireamhan mòra.
Leughadh
Tha sinn ag obair air nobhail Ghàidhlig sgrìobte le Jeremy Strong, leis an t-ainm ‘Ploigh le Paidhhtean‘. An t-seachdain seo bha sinn a freagairt cheistean mu dheidhinn an teacs.
Ann a leughadh Beurla tha sinn ag obair air an nobhail ‘The Lion the Witch and the Wardrobe’ le C.S.Lewis. An t- seachdain seo bha sin a taghadh facail as an teacs a bha a’còrdach rinn agus bha sinn a’ mìneachadh na faclan le bhidh a’ cleachdadh an fhaclair.
Creideis
Am t-seachdain seo anns an proisect ùr againn bha sinn a’ coimhead air samhlaichean ann a diofar chreideamhean. Dh’obrich sinn còmhla air tomhais dè na samhlaichean a bha co-cheangailte ri diòfar chreideamhan. Bha cuid aca gu math doirbh!
An nuair sin chruthaich sinn uile dealbh airson leine-T leis na samhalichean a tha cudromach dhuinn fhein air.
Spòrs
Tha sinn a’ dèanamh oidhrip mhòr le obrachadh mar sgioba. Bha sinn gu math tràng ag obair còmhla airson geamannan balla-làimhe a chluich.