C2O An t-Seachdain Seo: 14.12.20

Fàilte!

Ged a tha sinn a ‘coimhead air adhart gu na làithean-saora, tha sinn fhathast air a bhith ag obair gu cruaidh an t-seachdain seo! Bha C2O airson ag innse gun robh sinn:

Rinn sinn practice de ar faclan cumanta.

“a dheanamh Cairtean Nollaig airson ar teaghlachan.”

” a ‘coimhead air obair-dachaigh bhon an clas againne.”

“a’ cur crioch air an Sgeulachd na Nollaig again. Tha iad eibhinn.”

Bha mi a cuir liodhne dearg air na Faclan Cumanta

“a claradh an fiolm againne airson a cuir dhachaigh”.

Cuideachd, bha am partaidh Nollaig againne san talla mhor! Bha seo gu math sporsail is rinn sinn torr dannsaichean is geamannan.

Bha Bodach na Nollaig a cur teachdairachd dhaibh!

 

C4S | 14.12.20 – 18.12.20

Rinn sinn plana airson dinnear NollaigBha buidsead againn 

 

Bha pàrtaidh Nollaige againne. Rinn sinn pass the parcelfhuair sinn biadh agus chluich sinn musical statues. Fhuair sinn preusantan chlas. 

 

Bha sinn a’ dèanamh dealbh-chluiche airson Hanukkah airson sealltainn na tha Hanukkah a’ ciallachadh. Rinn sin bhideo air.  

 

Sheall sinn ar obair dhachaigh dhan chlas 

 

Rinn sinn cairtean Nollaig agus bha sinn a’ cleachdadh paipear tissue agus cairtean dearg 

 

Rinn sinn dealbhan Nollaige ann am matamataig far an robh sinn a’ cur dath airson dealbh a lorg.  

 

Rinn sinn measaidhean air matamataig 

 

Rinn sinn dealbh air mar a bhios sinn a’ gabhail mionaid nuair a tha sinn brònach no crosta.  

 

Rinn sinn craobhan Nollaig agus dealbh leotha.  

 

Sgrìobh sinn sgeulachd mu dealbhan Nollaige 

 

Mu dheireadh sinn am blog 😊  

 

 

ST 14.12.20 Nollaig Chridheil bho C3S

Feasgar math,

Litreachas

Seall air ar faclan cumata gleansach!

Matamataig

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn dealbhan co-chothromachd. Dh’ fheuch sinn dealbhan de bodaich aran-cridhe co chothromachd a dhèanamh agus chleachd sinn cumaidhean airson ar dealbhan fhèin a chruthachadh.

Ealain

Rinn  sinn Rudolph, Bodach na Nollaig agus bodach sneachd  le sèinichean-pàipear.

Seall air na sgeudaichean-uinneag àlainn a rinn sinn cuideachd.

Eile

Dh’fheuch sinn beagan “ioga”.

Chòrd am panto rinn gu mòr.

Abair gu robh pàrtaidh math againn air Diluain.

Nollaig Chridheil bho Clas 3S!

C4B 14.12 – 18.12

Air Diardaoin, bha partaidh na Nollaige againn ann an Clas 4B. Chuir sinn oirnn aodaich spaideil airson na Nollaige. Chluich sinn geamannan, dh’ith sinn biadh blasta agus rinn sinn origami.
Ann an cuspair, tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu Hannukah agus rinn sinn Menorah an t-seachdain seo. Seall orra!!

Ann an matamataig, bha measadh againn agus nuair a bha sinn deiseil rinn sinn suimean airson Cleasan Nollaig a lorg ann an còd. Bha sin èibhinn!!

Nollaig Chridheil bho,
Clas 4B

C4B 7.12 – 11.12

An t-seachdain seo, thòisich sinn rudeigin ùr. Bidh sinn a’ gabhail mionaid airson àm socair gach latha gus àm calma a bhith againn ron Nollaig.
Diardaoin, chaidh sinn a-mach dhan phàirc airson ruith airson Macmillan Cancer Support. Ruith sinn 2.2km ann an 20 mionaid agus bha tòrr spòrs againn – ach bha sinn sgìth as a dhèidh.
Ann an litearrachd, leugh sinn an leabhar “Preusant Harvey Slumgfenburger” agus sgrìobh sinn dealbhan-cluiche ceangailte ris an teacsa.
Tìoraidh an-dràsta bho,
Clas 4B

C4B 30.11-04.12

An t-seachdain seo, thòisich sinn ag ullachadh airson na Nollag. Rinn sinn Crobh na Nollag air an doras againn le ar làmhan. Chan eil e buileach deiseil fhathast ach tha sinn an dòchas gun tèid gu math leinn ann an co-fharpais na sgoile!
A’ bharrachd air a sin, rinn sinn bodach-sneachd airson taisbeanadh Gheamhraidh. Smaoinich sinn air dathan blàth is dathan fuar agus rinn sinn “Bodach Sneachd Fuar” agus “Bodach Sneachd Blàth”.
Mu dheireadh thall, tha sinn deiseil a-nis dhan an ‘Magic Finger’ le Roald Dahl. Sgrìobh sinn sgeulachdan mìorbhaileach mun àm a chaidh rudan ceàrr leis an corrag draoiachd againn. Rinn sinn dreachd an toiseachd agus an uairsin dh’fheuch sinn ri fiosrachadh a’ bharrachd a chur a-steach gus na sgeulachdan againnn a dhèanamh nas fheàrr. Seall air na sgeulachdan gu h-ìosal!

Tìoraidh bho,
Clas 4B

Tha sinn gu bhith ann! | We’re nearly there!

Uill, tha sinn uile air a bhith ag obair gu math cruaidh agus tha sinn uile deiseil a-nis airson fois a ghabhail!

Well, we have all been working so hard and we’re all ready to take a break!

Tha an clas air uimhir a choileanadh thar an teirm a dh’fhalbh, bho bhith ag ionnsachadh na sgilean airson leughadh agus sgrìobhadh sa Ghàidhlig gu bhith a’ sgrùdadh bhun-bheachdan ùra agus dùbhlanach ann am matamataigs. Tha sinn air ionnsachadh mu fhèisean solais bho thrì chreideamhan eadar-dhealaichte, air pàirt a ghabhail ann an geamannan sgioba agus air sgeulachdan innse. Chan eil iongnadh ann gu bheil sinn uile cho sgìth!

The class have achieved so much over the past term, from beginning to learn the skills for reading and writing in Gaelic to exploring new and challenging concepts in maths. We have learned about festivals of lights from three different religions, taken part in team games and learned to tell stories. No wonder we’re all so tired!

Mar thidsearan, bha e na thoileachas a bhith ag obair le clas Purpaidh agus a’ faicinn an adhartas a tha iad air a dhèanamh agus tha sinn air bhioran na dòighean ùra fhaicinn a chumas iad a’ leasachadh an sgilean.

As teachers it has been a pleasure to work with clas Purpaidh and see all of the progress that they have made an we’re excited to see the new ways they will continue to develop their skills.

Tha sinn an dòchas gun do chòrd na cuirmean Nollaige a choisinn iad a’ chlann ris.

We hope that the children have enjoyed their well earned Christmas celebrations.

An ath sheachdain, bidh obair gu math socair ann le obair spòrsail mu sgeulachdan agus geamannan matamataigs.

Next week there will be some gentle, fun work connected with telling stories and some maths games.

A’ guidh beannachdan na soar-laithean dhuibh.
Sincere wishes for a wonderful holiday.

Cùm sàbhailte agus chì sinn ann an 2021 thu!
Keep safe and we’ll see you in 2021!

Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr dhuibh uile.

AGUS, bhuannaich sinn an dàrna àite ann am farpais sgeadachadh dorais 😀

Also, we won second place in the door decorating competition 😀

C2R blog 18-12-20

Bha seachdain glè spòrsail againn san sgoil! Bha  sinn ag ionnsachadh mun Nollaig agus diofar dhòighean anns a bheil daoine ga chomharrachadh. Bha am pàrtaidh clas againn sgoinneil! Dh ’ith sinn biadh blasda agus bha sinn a’ dannsa. Chluich sinn geamannan pàrtaidh san talla!
Bhuannaich doras a’ chlas againn an treas àite airson a dheagh sgeadachadh!🎄