Clas 1 s.t 01.02.21 Cliath-Ionnsachaidh | Clas 1 w.b. 01.02.21 Learning Grid

Madainn mhath Clas 1. Seo an obair agaibh an t-seachdain-sa. Tha e air Microsoft Teams cuideachd.  Tha sinn a’ coimhead air adhart ri ur faicinn aig na seiseanan beò air Teams an t-seachdain-sa.

Good morning Clas 1. Here is your work for this week. It is on Microsoft teams too. We are looking forward to seeing you at the live sessions on Teams this week.

Cliath-Ionnsachaidh    C1 HLG 01-02-21 Gàidhlig

Learning Grid    C1 HLG 01-02-21 English

Sgioba Clas 1 | The Class 1 Team

Cruinneachadh Clas 4-7 29.1.21 | Clas 4-7 Assembly 29.1.21

Fàilte do Chruinneachadh Clas 4-7.  An t-seachdain seo tha sinn a’ tòiseachadh air obair Slàinte agus Sunnd – ceangailte ris bhith a’ gabhail cothrom còmraidh.  Mholainn dhuibh coimhead ris na leabhraichean na chois, ged is ann airson clann nas òige a tha iad, tha na dealbhan agus an teachdaireachd gu math freagarrach.  Cùmaibh sàbailte agus chì mi air an ath sheachdain sibh.   Miss B 😊

Welcome to our Clas 4-7 assembly.  This week we are starting our Health and Wellbeing work linked to talking things over.  I would recommend listening to the books attached, even if you think they are for younger children; the pictures are lovely and the messages are relevant to all of us.  Take care and see you next week.  Miss B 😊

 

 

 

Sgoil-Àraich Bhideo Làitheil.

Madainn Mhath,

Seo a’ Bh-uas NicNeacail a’ dèanamh bhidio làitheil a’ dol thairis air làithean na seachdain agus an sìde.

https://youtu.be/f4Au61h3WB0

Seo an lince lince gu camara-lìn an RSPB. Tha sinn an dòchas gum bi deagh spòrs agaibh a’ coimhead airson na h-eòin ionadail. 

Le dùrachd,

Sgioba na Sgoil-Àraich.


Good Morning,

Here is our daily video from Miss Nicolson, where she goes over the days of the week and the weather.

https://youtu.be/f4Au61h3WB0

Here is the link to the RSPB’s live webcam bird feeders for the big garden bird watch. We hope you all have fun spotting some local birds.

Regards,

Sgioba na Sgoil-Àraich.

Clas 1 Gorm 28.01.21 Bhidio Làitheil | Daily Video

Halò Clas Gorm. Ciamar a tha sibh uile an-diugh? Seo agaibh bhidio le mise a’ seinn  ‘Splios Splais Cuir Ort Do Bhòtannan.’ ’Se Diardaoin a th’ann an-diugh. Tha mi’n dòchas gu bheil sibh uile ceart gu leòr. Tha mi a’ coimhead air adhart ris an t-seisean beò againn a-màireach.

Hello Clas Gorm. How are you all today? Here is a video with me singing ‘Splish, Splash, Put on your Wellies.’ It is Thursday today. I hope you are all OK.  I’m looking forward to our live session tomorrow…

A’ Bh-uas Nic an Tòisich

 

 

Clas Uaine

Hàlo clas Uaine. Tha mi an dòchas gu bheil sibh gu math. An dè rinn mi cèic banana agus seoclaid. An do rinn sibh cèic no aran? Mar sin leibh an-drasta!

Hello clas Uaine. I hope you are well. Yesterday I made banana and chocolate cake. Have you made cake or bead? Good bye for now!!! 

Bhideo Làitheil Diardaoin | Thursday’s Daily Video

Ciamar a tha thu an-diugh?
How are you today?
A bheil thu toilichte?
Are you happy?
Ma tha thu toilichte an diugh, buail do làmh’
Ma tha thu toilichte an diugh, buail do làmh’
Ma tha thu toilichte an diugh, feumaidh tusa innse dhomh
Ma tha thu toilichte an diugh, buail do làmh’!