Protected: C7 Diluain 01.03.21 | Monday 01.03.2
Protected: C5 01.03.21
Protected: C4 Diluain 01.03.21 | Monday
Protected: Clas 1 G s.t. 22.2.21 Air ais san sgoil! | Back in school!
Protected: C2O an t-seachdain seo: 22.02.21
Toilichte a bhith air ais | Happy to be back
Tha a h-uile duine toilichte a bhith air ais san sgoil! Tha e air a bhith a’ còrdadh ris a’ chlann a bhith a’ cluich agus ag ionnsachadh còmhla ri chèile a-rithist agus tha iad air a bhith glè mhath le a bhith a’ cuimhneachadh air na riaghailtean mu dheidhinn a bhith a’ cumail sàbhailte – a’ nighe ar làmhan agus a’ fuireach nan builgean. Deagh oidhirp a h-uile duine!
Everyone is so happy to be back in the school building. The children have been enjoying playing and learning together again and that have been very good at remembering all of the rules to keep us safe – washing hands and staying in our bubble.
Bidh sinn a’ leantainn oirnn ag obair air an sgeulachd againn Seoc agus a’ chraobh pònair an ath-sheachdain agus bidh an obair sgrìobhaidh againn mu bhith a’ cur shìol.
We will continue to work on out story, Jack and the Beanstalk next week and our writing work will be about planting a seed.
Bidh sinn a’ tòiseachadh air cuspair ùr ann am matamataigs mu bhith a’ cleachdadh cànan stiùiridh agus a’ cumail oirnn ag obair air na sgilean àireamh againn, mar eisimpleir a’ cur buidheann bheag de dh’àireamhan san òrdugh cheart agus a’ cur dà bhuidhean ri chèile nuair a bhios aon bhuidheann falaichte.
We are starting a new topic in maths about using directional language and continuing to develop of number skills, for example putting a small group of numbers in the right order and adding two groups of items together when one group is hidden.
Tòisichidh sinn cuideachd air cuspair ùr mu fhorsaichean agus stuthan. Bidh sinn a’ bruidhinn ris a’ chloinn mu na tha fios aca mu na rudan sin agus na rudan a bu mhath leotha ionnsachadh mu dheidhinn.
We are also starting a new topic about forces and materials. We will be talking with the children about what they know about these things and the things that they might like to learn about.
Tha sinn an dòchas gum bi aimsir bhreagha ghrianach earraich againn gus an urrainn dhuinn tòrr ionnsachaidh a dhèanamh san raon-cluiche!
We are hoping for some lovely sunny weather so that we can spent lots of time learning in the playground!
Àireamh na Seachdaine| Number of the week
Fonaigs ùra | New phonics
Protected: Air ais dhan sgoil! s.t 22.2.21
Hàlo a h-uile
Bha e uabhasach snog an clas fhaicinn a’ tilleadh don sgoil an t-seachdain seo. Cha robh e fada gus an robh a h-uile duine stòlda, toilichte air ais a’ cluich le an caraidean. Dh’ionnsaich an clas na fonaigs r, s, f agus i. Leugh sinn cuideachd an sgeulachd ‘Seoc agus a‘ phonair’ a chòrd riutha. Ann an àireamhachd, dh’ionnsaich sinn barrachd mu chànan suidheachaidh agus mar a dh’fhaodadh sinn cunntadh air adhart bho ghrunn. An ath sheachdain, ionnsaichidh an clas dà fhuaim ùr, ì agus l. Ionnsaichidh iad mu na faclan anns a bheil na fuaimean sin.
Mar eisimpleir; ìm (ìm) agus tì (tì) Mar eisimpleir; loilidh (lolly) agus lampa (lampa)
An ath sheachdain, ionnsaichidh sinn cuideachd mu bhith a’ cur dà chruinneachadh de chunntairean còmhla, cànan stiùiridh agus ‘s e àireamh na seachdain 17.
Deireadh seachdainmath dhut.