Protected: s.t. 15.3.21
Protected: s.t. 8.3.21
Protected: s.t. 1.3.21 | w.b. 1.3.21
Protected: bàtaichean agus fuaimean
Protected: C7S Seachdain a’ toiseachadh 22.03.21
Clas 1 Uaine
Halo a h-uile duine, tha seachdain àlainn eile air a bhith aig a’ chlas san sgoil. Chuir sinn crìoch air na fuaimean singilte ann an Gàidhlig agus bidh sinn ag ath-sgrùdadh na fuaimean an ath-sheachdain. Tha e cudromach gum bi an clas comasach air na fuaimean singilte aithneachadh agus a bhith comasach air na litrichean a chruthachadh gu ceart.
An-dràsta tha sinn a’ dèanamh sgeulachd An Luchag Bheag agus bidh sinn a’ dèanamh barrachd obrach air an ath-sheachdain.
Ann an àireamhachd tha an clas a’ dèanamh barrachd ionnsachaidh mu bhith a’ cur dà chruinneachadh de chunntairean còmhla. Tha iad cuideachd ag ionnsachadh mu cho-chothromachd. Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain àlainn agaibh 😊
Protected: s/t/22/03/21 – Clas 5R
C4S | 22.03.21 – 26.03.21
Bha sinn a’ dèanamh roinneadh agus uiread.
Dh’ionnsaich sinn mun uair air cloc didseatach.
Bha dithis anns a’ chlas gar teagasg mu dheidhinn bholcànothan.
Rinn sinn sruthan-chlàr ag innse mu dhiofar bracaistean.
Airson spòrs an t-seachdain seo bha Jess còmhla rinn bho Active sports.
Sgrìobh sinn cuideachd mu dheidhinn Dùn Èideann. Bha sinn a’ sgrìobhadh air rudan ainmeil ann an Dùn Èideann.
Mu dheireadh rinn sinn am blog 🙂