Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine, tha mi an dòchas gu bheil sibh gu math.  Tha e a’ còrdadh ris a chlas a bhith ag ionnsachadh barrachd mu na faclan cumanta agus gan lorg san àrainneachd aca. An ath sheachdain bidh iad ag ionnsachadh na faclan aithneachadh, tha, gu, do, dol, ro, cò.
Tha an clas air a bhith a’ leughadh an sgeulachd Mgr Wiggle agus Mgr Waggle agus a tha e a’ còrdadh riutha gu mòr. Seo bhidio den sgeulachd ga leughadh ann an Gàidhlig ma tha thu airson fhaicinn thairis air an deireadh-sheachdain;Mgr Wiggle agus Mgr Waggle
Tha an clas a’ cleachdadh na h-aon gnìomhan a tha sa bhidio seo.
An an àireamhachd tha an clas ag ionnsachadh tòrr mu luach an airgid. Tha iad ag ionnsachadh mu na buinn 1sg, 2sg, 5sg agus 10sg. An t-seachdain seo,  ionnsaichidh iad luach nam buinn sin. Seo geama spòrsail is urrainn dhaibh a chluich aig an taigh mu airgead;https://www.topmarks.co.uk/money/toy-shop-money
An ath-sheachdain,  bidh an clas a’ tilleadh dhan sgoil choille còmhla ri Ms Horne agus leanaidh sin gach Diciadain gu deireadh na teirm.
Deireadh seachdain math dhuibh 😊

Continue reading “Clas 1 Uaine”

C4S

Rinn sinn spòrs- dodgeball agus handball! Dh’obraich sinn gu math ann an sgiobaidhean, Dh’ionnsadh sinn mu dheidhinn dòighean a bhith GNIOMHACHAIL!

Airson ealain, rinn sinn craobhan blàth na siris. Bha e spòrsail a bhith a’ cleachdadh peant agus pastels, cho breagha!

Dh’ionnsiach sinn tòrr mu dheidhinn suimean simileir agus a’ cumail ar leabharaichean-sgrìobhaidh sgiobalta.

Dh’obraich sinn air tòrr rudan eile cuideachd, mar leughadh, a’ cumail sabhailte air an eadar-lìon agus……

 

Rinn sinn am blog 😊

Clas Uaine

Halo a h-uile duine,  tha mi an dòchas gun robh deagh shaor-làithean agaibh uile.  Bha e math an clas fhaicinn san sgoil an t-seachdain seo. Gus an teirm ùr fhaighinn a dhol,  bidh an clas ag ionnsachadh na faclan cumanta ann an Gàidhlig. An t-seachdain seo,  dh’ionnsaich iad na faclan, mi, mise, is, seo agus an ath-sheachdain,  ionnsaichidh iad na faclan ag, mo, na, an, am, mar. 
Ma tha thu airson na faclan seo a dhèanamh aig an taigh, coimhead gu mionaideach air a’ chiad fuaim den fhacal, agus leig leotha ciad litir an fhacail aithneachadh.
Ionnsaichidh an clas cuideachd mar a nì thu sgaradh eadar na diofar fhaclan ann an seantans, is e seo rudeigin is urrainn dhut a dhèanamh aig àm sgeulachd.
Ann an àireamhachd,  tha an clas ag ionnsachadh mu airgead agus luach gach bonn, ag amas air na buinn, 1sg, 2sg, 5sg agus 10sg ionnsachadh.
Tha an clas cuideachd ag ionnsachadh àireamhan a chomharrachadh air thuaiream bho 0 gu 30.
Tha mi an dòchas gum bi deireadh-sheachdain snog agaibh.

Continue reading “Clas Uaine”