Halo a h-uile duine, tha mi an dòchas gu bheil sibh gu math. Bidh an clas a’ tòiseachadh air sgeulachd ùr an t-seachdain seo, ‘s e sin Goldilocks agus na trì mathain. Tha sinn cuideachd ag obrachadh fhathast air fuaimean a chur còmhla gus faclan a dhèanamh. Mar eisimpleir, tha C A T còmhla a’ dèanamh am facal cat.
Tha sinn a’ dèanamh seo le faclan aig a bheil trì litrichean. Ionnsaichidh an clas cuideachd dà dhiagraf ùr ao agus dh. Seo bhideothan snog a tha gan mìneachadh; https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=2
Ann an àireamhachd, tha an clas air crìoch a chur air ionnsachadh mu airgead agus ionnsaichidh iad a-nis mu dheidhinn tomhas. Ionnsaichidh iad mar a bhios iad a’ tomhas le bhith a’ cleachdadh stuthan mar ciùban agus lego.
Tha mi an dòchas gum bi deireadh-sheachdain snog agaibh. 🙂 Continue reading “Clas 1 U”