Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine, tha mi an dòchas gu bheil sibh gu math. Tha an clas a’ dol a thòiseachadh air na diagrafan  Ghàidhlig ionnsachadh an ath-sheachdain, a’ tòiseachadh le th agus bh;
Seo eisimpleir den dà chuid:

Tha mi anns an sgoil an-diugh.

Bha mi anns an sgoil an-dè.

An ath-sheachdain, tòisichidh an clas air sgeulachd ùr, Na Trì Gobhair Ghreannach (Three Billy goats Gruff). Bruidhnidh sinn mu na rudan as toil leinn agus nach toil leinn mun sgeulachd.
Seo bhidio dheth air leughadh a-mach;  Na Trì Gobhair Ghreannach
Ann an àireamhachd,  bidh an clas ag ionnsachadh barrachd mu na buinn 1sg, 2sg, 5sg agus 10sg
Tha iad a’ leantainn air adhart a bhith a’ cur ris  cruinneachadh de dà bhuidheann agus is e àireamh na seachdain againn 8. Bidh an clas ag obair air bannan àireamh gu 8.

Deireadh sheachdain mhath dhuibh 😊

Hello everyone, I hope you are wellThe class are going to begin to learn the Gàidhlig diagraphs next weekbeginnning with th and bh;  

Here is an example of both 

Tha mi anns an sgoil an-diugh – I am in school today

 Bha mi anns an sgoil  an-dè – I was in school yesterday 

Next week the class will start a new story, Na Trì  Ghobhair Ghreannach (three billy goats gruff). We will discuss our likes and dislikes about the story 

Here is a video of it being read aloudNa Trì Gobhair Ghreannach 

In numeracy the class will be learning more about the coins 1sg, 2sg, 5sg and 10sg  

They are continuing to add two collections together and our number of the week is 8. The class will be working on number bonds to 8.  

hope you have a nice weekend.