Halo a h-uile duine tha mi an dòchas gu bheil sibh uile gu math. Tha seachdain thaitneach air a bhith aig a’ chlas an t-seachdain-sa. An ath sheachdain ann an litearrachd tha sinn a’ leantainn oirnn ag obair air Goldilocks agus na trì mathain. Tha an clas cuideachd ag ath-sgrùdadh nam fuaimean singilte, is e seo rudeigin a ghabhas dèanamh aig an taigh cuideachd. Seo bhideothan de na fuaimean singilte; https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=1
Ann an àireamhachd tha an clas ag ionnsachadh mar a chuireas iad dà chruinneachadh de rudan ri chèile agus mar a dh’aithnicheas iad àireamhan bho chruinneachadh.
O chionn ghoirid tha tòrr chòmhraidhean air a bhith againn mu bhith a’ toirt spèis do dhaoine eile sa chlas agus do ghoireasan a’ chlas. Bidh sinn a’ dèanamh amas clas agus a’ bruidhinn air mar as urrainn dhuinn fòcas a chuir air an amas seo.
Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain àlainn agaibh uile 😊
Hello everyone I hope you are all well. The class have had an enjoyable week this week. Next week in literacy we are continuing to work on Goldilocks agus na trì mathain. The class are also revising the single sounds, this is something that can be done at home too. Here are videos of the single sounds; https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=1
In numeracy the class are learning how to add two collections of objects together and how to recognise numerals from a collection.
Recently we have had a lot of discussions on showing respect to others in the classroom and to the class resources. We will be making a class goal and talk about how we can focus on this goal.
I hope you all have a lovely weekend 😊