ST 4.4.22

‘S e na saor-laithean a th’ann!

An t-seachdain-as, chriochnaich sinn ar bileagan-fiosrachaidh mu dheidhinn Dùn Èideann. Abair shrìobhadh sgoinneal a rinn sinn.

Ann an èisteachd ‘s labhairt, chluich sinn Charades gus obair a dhèanamh air an ceist ‘An e?’

Ann am matamataigs, tha sinn ag obair air tomhas. Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn mar a tha sinn ag obair a-mach cuairt-tomhas agus farsaingeachd cumaidhean. Seall na robots againn.

‘S e latha gu math sònraichte a bh’againn an-diugh, a’ gabhail pàirt a’ sireadh uighean ann an co-fharpais mòr agus BHUANAICH C4G. Fhuair sinn teoclaid! Ium! Tapadh leibh C7.
Deagh saor-laithean dhuibh!