Seachdain luath an t-seachdain-sa!
Ann am matamataig, tha sinn ag obair air a’ laimhseachadh data. Dh’ ionnsaich sinn mu dheidhinn graf-bhàraichean, diagram Venn agus diagram Carroll. Chruinnich sinn fiosrachadh bho ar caraidean anns a’ chlas.
Ann an litearrachd, chùm sinn oirnn ag ionnsachadh mu dheidhinn faclairean. Lorg sinn faclan, na bha iad a’ ciallachadh agus an uair sin chuir sinn iad ann an ordugh an aibidil.
Rinn sinn postairean airson na tramaichean a tha a’ tighinn gu Lìte. Thuirt na postairean ‘Tha gaol agam air Lìe oir…’ Seall na rinn Mikolaj, Betty, Will agus Evie!
Dh’ionnsaich sinn an òran ‘Tha mi Sgith’. Seo na faclan – Tha mi sgìth