Clas1P – Diluain 25.01.2021

Madainn Clas1P!

An-diugh, tha sinn a’ bruidhinn mu na rudan a rinn sinn aig deireadh-sheachdain. Chaidh sinn dhan phàirc agus, anns a’ bhidio, chì sibh tòrr dhealbhan de na rudan a chunnaic sinn air ar slighe.
Today, we’re talking about what we did at the weekend. We went to the park and, in the video, you will see lots of photos of the things we saw on our way.
Here is some useful vocabulary:
Seo faclan feumail dhuibh:
deigh – ice
lòn reòta- a frozen pond
sneachda – snow
craobhan – trees
duilleagan – leaves
iuchair – a key
speuclairean – spectacles/glasses
miotag – glove
a’ ghrian a’ deàrrsadh – the sun shining

I hope you all had a lovely weekend too – gabh spòrs an-diugh! 🙂

A’Bh-Uas NicNeacail

 

 

 

Clas 1P – 18.01.2021

Madainn mhath, Clas Purpaidh!

Tha mi an dòchas gu bheil sibh uile gu doigheil agus gun robh deireadh seachdain math agaibh cuideachd 😊

An seachdain-sa, tha sinn fhathast ag ionnsachadh mun tuathanas agus, mar sin, tha sinn a’ dol a sheinn òran còmhla anns a’ bhidio, mu bheathach tuathanais.

Gabh spòrs an diugh agus tha mi an dòchas gun tèid na clasaichean air-loidhne gu math cuideachd!

Tioraidh an-dràsda!

A’ Bh-Uas NicNeacail 😊

Good morning, Clas Purpaidh!

I hope you’re all well and that you had a good weekend too 😊

This week, we’re still learning about the farm, so we will sing a song together in the video about a farm animal.

Have fun today and I hope that the online classes go well for you all this week!

Bye for now, Mrs Nicholson 😊

C1 HLG 18-01-21 English

C1 HLG 18-01-21 Gàidhlig

12.01.2020 – Clas 1P

Halò a chàirdean,

Ciamar a tha sibh uile an-diugh? Tha mi an dòchas gun do chòrd a’ chiad latha ribh – ged nach robh Teams ag obair cho math airson a h-uile duine!

Tha sgeulachd eile agam dhuibh le cèicean ann agus tha mi air a bhith bèicearachd an-diugh cuideachd.

Tha mi an dòchas gu bheil sibhse a’ lorg rudan spòrsail ri dhèanamh aig an taigh cuideachd agus gu bheil sibh a’ feuchainn a bhith cuideachail, mar a tha sibh uile sa chlas 😊

A’ Bh-uas NicNeacail

Hello dear Clas 1,

How are you all today? I hope you enjoyed the first day back at school, even though Teams wasn’t working so well for everybody!

I have another story for you today with lots of cakes in it and I’ve been baking today as well.

I hope that you’re finding fun things to do at home as well and that you’re all trying to be helpful, just like you are in class 😊

Mrs Nicholson

11.01.2020 – Clas 1P

Madainn mhath, Clas 1 Purpaidh, agus Bliadhna Mhath Ùr dhuibh uile! Tha mi cho duilich nach eil sinn còmhla anns a’ chlas an-dràsda agus tha mi gur n-ionndrainn gu mòr! Tha mi an dòchas gu bheil an obair air-loidhne a’ còrdadh ribh uile agus bidh mi air ais a-màireach le bhideo agus teachdaireachd eile. Tìoraidh! A’ Bh-uas NicNeacail 😊
Good morning, Clas 1 Purpaidh, and Happy New Year to you all! I’m so sorry  that we’re not together in class just now and I miss you all very much! I hope that you enjoy the work online and I’ll be back tomorrow with another video and message for you.
See you then! Mrs Nicholson 😊

C1 HLG 11-01-21 Gàidhlig

C1 HLG 11-01-21 English