Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine, tha mi an dòchas gu bheil sibh a’ cumail gu math. An t-seachdain seo san sgoil,  bidh an clas a’ deasbad mar as urrainn dhuinn dèiligeadh ri atharrachaidheanagus iad ag ullachadh airson gluasad gu C2. Bruidhnidh sinn mu na draghan agus na h-eagalan againn agus cuideachd mu cho inntinneach ‘s a bhios e tòiseachadh air C2.
Is e seo rudeigin as urrainn dhut a dheasbad aig an taigh cuideachd. Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain àlainn agaibh 😊

Hello everyone, I hope you are keeping well. This week in school the class will be discussion how we can cope with change as they prepare to transition to P2. We will talk about our worries and fears and also about how exciting it is on the prospect of moving into P2.  This is something you can also discuss at home. 

I hope you have a lovely weekend 😊

Clas Uaine

Tha sinn a’ tòiseachadh  air dà dhiagraf ùr an ath-sheachdain; fh agus gh

Seo ceangal gu bhidio a tha a’ mìneachadh na fuaimean sin;  https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=2
Tha sinn a’ cymail oirnn a’ leughadh an sgeulachd Goldilocks agus na Trì Mathan. Bidh an clas cuideachd a’ cruthachadh an sgeulachdan  fhèin, a’ cleachdadh na ‘s urrainn dhaibh de bhriathrachas Gàidhlig.
Ann an àireamhachd, bidh an clas ag ionnsachadh mu thomhas agus mar a bhios tu a’  tomhas agus ag gabhail cuideam cuid de nithean. Seo geama spòrsail mu chuideam;  https://pbskids.org/peg/games/happy-camel
Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain àlainn agaibh agus gun còrd an aimsir snog ruibh😊

We are moving on to two new diagraphs for next week; fh and gh

Here is a good video link explaing these sounds; https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=2 We are continuing on reading the story Goldilocks agus na Trì Mathan.  The class will also be creating their own sotries using as much Gàidhlig vocabulary they can remember In numeracy the class will be learning about measure and how to measure and weigh certain objects. Here is a fun game about weight; https://pbskids.org/peg/games/happy-camel  

I hope you have a lovely weekend and enjoy the nice weather 😊  

Clas 1 U

Halo a h-uile duine, tha mi an dòchas gu bheil sibh gu math. Bidh an clas a’ tòiseachadh air sgeulachd ùr an t-seachdain seo, ‘s e sin Goldilocks agus na trì mathain. Tha sinn cuideachd ag obrachadh fhathast air fuaimean a chur còmhla gus faclan a dhèanamh. Mar eisimpleir, tha C A T còmhla a’ dèanamh am facal cat. 

Tha sinn a’ dèanamh seo le faclan aig a bheil trì litrichean. Ionnsaichidh an clas cuideachd dà dhiagraf ùr ao agus dh. Seo bhideothan snog a tha gan mìneachadh; https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=2  

Ann an àireamhachd, tha an clas air crìoch a chur air ionnsachadh mu airgead agus ionnsaichidh iad a-nis mu dheidhinn tomhas. Ionnsaichidh iad mar a bhios iad a’ tomhas le bhith a’ cleachdadh stuthan mar ciùban agus lego. 

Tha mi an dòchas gum bi deireadh-sheachdain snog agaibh. 🙂  Continue reading “Clas 1 U”

Clas Uaine

Tha seachdain thrang eile air a bhith aig C1 an t-seachdain seo, le tòrr ionnsachadh spòrsail. Chòrd e gu mòr ris a’ chlas a bhith ag ionnsachadh mu bheathaichean mara an t-seachdain seo. Rinn iad dealbhan àlainn a’ cleachdadh pasgain ola agus peant pùdar.
Tha e air còrdadh riutha a bhith ag ionnsachadh na diagrafan ch agus mh.
Seo bhideo snog a tha a’ mìneachadh nan diagrafan sin; https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=2

An ath-sheachdain, ann an litearrachd, bidh an clas a’ tòiseachadh ag ionnsachadh mar a leughas iad faclan connrag, fuaimreag, connrag agus tòisichidh iad a’ measgachadh fuaimean gus faclan ùra a leughadh.

Ann an àireamhachd, ionnsaichidh an clas mar a chuireas tu àireamhan air loidhne-àireimh agus mar a chanas iad dè na h-àireamhan a tha air an còmhdachadh. Seo deagh ghoireas airson seo ma tha thu airson a dhèanamh aig an taigh; https://apps.mathlearningcenter.org/number-line/

Deireadh sheachdain math dhuibh 😊

Continue reading “Clas Uaine”

Clas Uaine

Tha e air a bhith na sheachdain thrang eile ann an C1 an t-seachdain seo, le tòrr ionnsachadh spòrsail. An athsheachdain bidh an clas ag ionnsachadh dà dhiagraf ùr, ch agus mh (ch a’ dèanamh fuaim k agus mh a’ dèanamh fuaim v) 

Seo ceangal mhath de bhidiothan a tha a dèanamh mìneachadh a bharrachd air na diagrafan sin; https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=1

Bidh an clas a’ dèanamh barrachd mun sgeulachd Na Trì Gobhair Ghreannach agus a’ bruidhinn mu na faireachdainnean aca mun sgeulachd. 

Mar eisimpleir:

 Is toil leam an sgeulachd oir tha e èibhinn (I like the story because it is funny)oir tha na gobhair glic (becasue the goats are clever). Cha toil leam an sgeulachd oir tha na troich olc (I do not like the story because the troll is evil). 

Ann an àireamhachd, tha an clas ag ionnsachadh mar a chuireas iad ris agus mar a bheir iad air falbh suim taobh a-staigh 10sg, agus tha iad a’ tuigsinn mar a gheibh iad iomlaid air ais bho neach-bùtha tro a bhith a’ cluich. 

Deireadh sheachdain mhath dhuibh 😊  Continue reading “Clas Uaine”

Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine, tha mi an dòchas gu bheil sibh gu math. Tha an clas a’ dol a thòiseachadh air na diagrafan  Ghàidhlig ionnsachadh an ath-sheachdain, a’ tòiseachadh le th agus bh;
Seo eisimpleir den dà chuid:

Tha mi anns an sgoil an-diugh.

Bha mi anns an sgoil an-dè.

An ath-sheachdain, tòisichidh an clas air sgeulachd ùr, Na Trì Gobhair Ghreannach (Three Billy goats Gruff). Bruidhnidh sinn mu na rudan as toil leinn agus nach toil leinn mun sgeulachd.
Seo bhidio dheth air leughadh a-mach;  Na Trì Gobhair Ghreannach
Ann an àireamhachd,  bidh an clas ag ionnsachadh barrachd mu na buinn 1sg, 2sg, 5sg agus 10sg
Tha iad a’ leantainn air adhart a bhith a’ cur ris  cruinneachadh de dà bhuidheann agus is e àireamh na seachdain againn 8. Bidh an clas ag obair air bannan àireamh gu 8.

Deireadh sheachdain mhath dhuibh 😊

Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine, tha mi an dòchas gu bheil sibh gu math.  Tha e a’ còrdadh ris a chlas a bhith ag ionnsachadh barrachd mu na faclan cumanta agus gan lorg san àrainneachd aca. An ath sheachdain bidh iad ag ionnsachadh na faclan aithneachadh, tha, gu, do, dol, ro, cò.
Tha an clas air a bhith a’ leughadh an sgeulachd Mgr Wiggle agus Mgr Waggle agus a tha e a’ còrdadh riutha gu mòr. Seo bhidio den sgeulachd ga leughadh ann an Gàidhlig ma tha thu airson fhaicinn thairis air an deireadh-sheachdain;Mgr Wiggle agus Mgr Waggle
Tha an clas a’ cleachdadh na h-aon gnìomhan a tha sa bhidio seo.
An an àireamhachd tha an clas ag ionnsachadh tòrr mu luach an airgid. Tha iad ag ionnsachadh mu na buinn 1sg, 2sg, 5sg agus 10sg. An t-seachdain seo,  ionnsaichidh iad luach nam buinn sin. Seo geama spòrsail is urrainn dhaibh a chluich aig an taigh mu airgead;https://www.topmarks.co.uk/money/toy-shop-money
An ath-sheachdain,  bidh an clas a’ tilleadh dhan sgoil choille còmhla ri Ms Horne agus leanaidh sin gach Diciadain gu deireadh na teirm.
Deireadh seachdain math dhuibh 😊

Continue reading “Clas 1 Uaine”

Clas Uaine

Halo a h-uile duine,  tha mi an dòchas gun robh deagh shaor-làithean agaibh uile.  Bha e math an clas fhaicinn san sgoil an t-seachdain seo. Gus an teirm ùr fhaighinn a dhol,  bidh an clas ag ionnsachadh na faclan cumanta ann an Gàidhlig. An t-seachdain seo,  dh’ionnsaich iad na faclan, mi, mise, is, seo agus an ath-sheachdain,  ionnsaichidh iad na faclan ag, mo, na, an, am, mar. 
Ma tha thu airson na faclan seo a dhèanamh aig an taigh, coimhead gu mionaideach air a’ chiad fuaim den fhacal, agus leig leotha ciad litir an fhacail aithneachadh.
Ionnsaichidh an clas cuideachd mar a nì thu sgaradh eadar na diofar fhaclan ann an seantans, is e seo rudeigin is urrainn dhut a dhèanamh aig àm sgeulachd.
Ann an àireamhachd,  tha an clas ag ionnsachadh mu airgead agus luach gach bonn, ag amas air na buinn, 1sg, 2sg, 5sg agus 10sg ionnsachadh.
Tha an clas cuideachd ag ionnsachadh àireamhan a chomharrachadh air thuaiream bho 0 gu 30.
Tha mi an dòchas gum bi deireadh-sheachdain snog agaibh.

Continue reading “Clas Uaine”

Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine ‘S e seachdain spòrsail eile san sgoil a tha air a bhith aig a’ chlas. Air Diciadain bha seisean deuchainn aca bh Sgoiltean Gnìomhach anns a robh geamannan èisteachd is gluasaid fìor mhath. Rinn an clas dealbhan breagha co-chothromach, thoir sùil air irisean ionnsachaidh gus eisimpleirean fhaicinn. 

Tha an clas air dèanamh cho math ann a bhith ag ionnsachadh na fuaimean singilte agus ag ionnsachadh mar a sgrìobhas iad gu ceart. Seo bhideothan air cruthachadh litrichean a rinn mi nam bu mhath leibh sùil a thoirt orra agus beagan eòlas fhaighinn orra thairis air saor-làithean na Càisge. Chan e obair-dachaigh a tha seo ach rudeigin ri dhèanamh ma tha duine sam bith ag iarraidh am feuchainn;  

https://youtu.be/_uJ4vYE5jew  

https://youtu.be/o3zD96KNIHU  

https://youtu.be/3sXLiswBjfQ 

An ath theirmionnsaichidh an clas barrachd mu bhith a’ measgachadh agus a’ tuigsinn mar a tha faclan air an cruthachadhfaclan sònraichte CVC. Bidh an clas cuideachd a’ dèanamh tòrr àireamhachd eile mar cur-ris, buidhnean sgaradh agus a’ cunntadh ann an deichean.
Tha mi an dòchas gum faigh sibh fois tro shaor-làithean na 
Càisge agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith gar faicinn fad teirm 4. Tìoraidh an-dràsta, Ms Bennett😊   Continue reading “Clas 1 Uaine”

Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine, tha seachdain àlainn eile air a bhith aig a’ chlas san sgoil. Chuir sinn crìoch air na fuaimean singilte ann an Gàidhlig agus bidh sinn ag ath-sgrùdadh na fuaimean an ath-sheachdain. Tha e cudromach gum bi an clas comasach air na fuaimean singilte aithneachadh agus a bhith comasach air na litrichean a chruthachadh gu ceart.
An-dràsta tha sinn a’ dèanamh sgeulachd An Luchag Bheag agus bidh sinn a’ dèanamh barrachd obrach air an ath-sheachdain.
Ann an àireamhachd tha an clas a’ dèanamh barrachd ionnsachaidh mu bhith a’ cur dà chruinneachadh de chunntairean còmhla. Tha iad cuideachd ag ionnsachadh mu cho-chothromachd. Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain àlainn agaibh 😊

Continue reading “Clas 1 Uaine”