11.02 C1P

Bha magnaitean againn anns a’ chlas an t-seachdain, abair spòrs.  Mura robh sinn inntinneach gu leòr thàinig bocsaichean a-steach dhan chlas cuideachd!

Chuir sinn crìoch air Isean Drisean is chruthaich a’ chlas caractaran aca fhèin le co-fhuaimneach anns na h-ainmean aca.

We had magnets in the tough tray this week, and if that wasn’t exciting enough we had big boxes by the end of the week too!

We finished the story Isean Drisean by creating our very own characters with rhyming names.

Clas1P 04/02/22

Feasgar math!  Tha seachdain sònraichte air a bhith ann oir thòisich tidsear ur an-seo Mgr Angel, bha dithis a’ comharrachadh co-latha-breith, agus bha taois againn anns an tough tray, abair e.

Thòisich sinn  sgeulachd ùr Isean Drisean, sgeulachd aotrom a tha ag amas air co-fhuaimneachadh, abair spòrs aig a’ chlas a’ feuchdainn sin a chruthachadh le ar n-ainmean; Croall Roll, Watson Totson, Sexton Bexton agus Angell Mangell! 

Chòrd e gu mòr ris a’ chlas a bhith ag ionnsachadh mu cho-chothromachd an-diugh agus nì iad barrachd air seo an ath sheachdain, seo geama a rinn sinn sa chlas as urrainnear chluich aig an taigh cuideachd:  https://www.topmarks.co.uk/symmetry/symmetry-sorting

C1P 21.01.22

Abair seachdain spòrsail air a bhith againn le bhith a’ cruthachadh slime sa chlas!  Diardaoin thàinig banaltraman gus ar fiaclan a sgrùdadh.  Thòisich sinn air a’ chuspair ùr againn cuideachd – drochaidean!

We’ve had a fun week making slime in the tough tray!  On Thursday nurses came in to exam our teeth.  Also this week we chose our new topic – bridges!

C1P 14.01.22

Abair seachdain mhath air a bhith againn.  Bha spòrs ann le dèigh sa chlas agus deagh chomhradh mu staitean uisge.  Thòisich sinn sgeulachd ùr – Na Trì Gobhair Ghruamach, is dh’aontaich a’ chlann gur e drochaidean a bhios anns a’ chuspair ùr againn.  Tha grunn leabhraichean ùra againn sa chlas oir tha sinn a’ coimhead air leabhraichean fiosrachaidh an teirm seo.  Dh’ionnsaich sinn an àite a bhith gan leughadh bho thoiseach chun dheireidh gun cleachar clàr-innse agus taghadh a dhèanamh air a thathar ag iarraidh ionnsachadh.  Dh’ionnsaich sinn iomadh rud an t-seachdain bhon leabhraichean, dh’ionnsaich gu bheil dà sgàil sùla aig camhal gus gainmheach a chumail air falbh.

We’ve had a lovely week back this week, with lots of fun playing with ice in the tough tray which invited good conversations about the states of water.  We began our new story Na Trì Gobhair Ghruamach, the children have enjoyed looking at bridges and decided that bridges will be their new project.  We have several new books in the library now as we are looking at factual texts.  We’ve learnt that we don’t read them from front to back but instead use the clàr-innse to decide what we’d like to learn about.  We’ve learnt lots this week from these book, for example we learnt that camel’s have two eyelids to keep the sand out of their eyes.

C1P Bliadhna Mhath Ùr!  07.01.22

Bliadhna Mhath Ùr!

Bha e math a bhith air ais còmhla aig an sgoil is tha na sgoilearan air a bhith trang a’ cluiche, a’ cuimhneachadh dòighean-obrach na sgoile is an-dè chruthaich iad seo leis a’ Bh-uas Watson!  Abair bliadhna a tha romhainn.

Happy New Year!  It’s been wonderful being back together in school.  The children have been busy playing, getting used to school structures again and yesterday they created this lovely display with a’ Bh-uas Watson! What a great year we’re going to have!

C1P NOLLAIG SHONA!

Nollaig Chridheil Dhuibh Uile!  Seo e seachad, abair spors  a bh’ againn air an t-seachdain mu dheireadh seo den teirm.  Chi anns na learning journals na rinn sinn sa choille leis a’ Bh-uas Horne agus an cuairt a ghabh sinn sa mhadainn.  Gabhaibh fois thar na saor-laithean agus chi sinn sibh uile ann an 2022!

We’ve had a wonderful last week of term, full of fun and creativity.  Can’t wait to be back again in 2022.  Have a wonderful, restful holiday.

Le gaol bho

a’ Bh-uas Croall & a’ bh-uas Watson

Clas 1 Purpaidh 03.12.21

An t-seachdain tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu chumaidhean 3 sheallach.  Tha sinn air a bhith a’ cluich leotha agus gan aithneachadh agus gan ainmeachadh.  An-diugh bha sinn a-muigh anns an roan-chluich a’ feuchdainn an lorg.  Chunnaic sinn an t-uamhas de shiolandairean ach cha do lorg sinn fiù’s aon chòn!

Ann am fonaigs, rinn sinn an fhuaim ‘r’, chòrd sin riutha gu mòr!

Nas inntinniche buileach, thòisich sinn a’ deasachadh airson na Nollaige.  Chruthaich sinn sìthichean Nollaige airson an doras spaideil Nollaige againn agus an-diugh thaghail sinn air Craobh Nollaige na sgoile agus Mìosachan Aidmhein na sgoile.

 

This week we have been learning about 3D shapes.  We’ve been identifying their features and playing with them in the tough tray.  Today we worked outside in the playground recognising and naming them in our environment. We found lots of cylinders, cubes, cuboids, a couple of spheres and even one pyramid but we didn’t manage to spot any cones or prisms.

We learnt about the sound ‘r’ this week and had lots of fun practising to write it.

Most excitingly this week we’ve been ready for Nollaig – Christmas by creating a special Christmas themed door and visiting the school Christmas tree and advent calendar.

26.11.21 C1P

An t-seachdain rinn sinn na fuaimean ‘m’ agus ‘g’ le faclan mar gobhar agus muc.

Mar phàirt den chuspair againn ‘Fèisean’ bha sinn ag ionnsachadh ma dheidhinn Latha Naomh Anndra a bhios ann Dimàirt, b’ e caraid Ìosa a bh’ ann.  Dh’fheuch sinn an tartan againn fhèin a dhèanamh, abair pàtran!

Tha sinn deiseil le cumaidhean 2sh a-nis mar sin dh’ionnsaich sinn mu Kandinksy agus rinn sinn na cearcaill againn fhèin, dè ur beachd?  Abair gu bheil an ‘Kindinsky’ againn a’ coimhead math!  Ni sinn a-nis cumaidhean 3sh!

This week we wrapped up our shape learning by looking at the work of artist Kandinksy, we did rather a good job didn’t we?  In Fonaigs we did the sounds m agus g.  As part of our work on our current topic Fèisean [festivals] we learnt about St Andrew’s Day which will be on Tuesday.  We learned that he was a friend of Jesus.  We had a go at making our own tartan by weaving our own pattern.