Protected: C6S 21.09.21
Protected: Obair-Dachaigh | Homework C6S
Seachdain 13.09.21
Cànan
Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn puingeachadh. Dh’ fheumadh sinn a’ leughadh tro pìos sgrìobhaidh agus am puingeachadh a cheartachadh ann.
Leugh sinn tron sgeulachd ‘Nighean Bheag a’Chòta Dheirg’ is an uairsin bha sinn ath-innse an stòiridh – tha seo a’ sealltainn dhuibh uile gun robh sinn a’ tuigsinn dè bha sinn a’ leughadh.
Chrìochnaich sinn stòiridhean Babushka air stop motion. Is an uairsin sheall sinn air gach pìos obrach. Bha iad uile sgoinneil!
Matamataig
Bha sinn ag ionnsachadh mu roinneadh goirid an t-seachdain seo. An ath sheachdain coimheadidh sinn air roinneadh fhada. Bha sinn cuideachd ag obrachadh air ag innse an uair.
Cuspair
Tha sinn air a bhith a’ coimhead air a h-uile cànan as urrainn dhuinn a bhruidhinn aig an taigh. Chaidh sinn thairis air ciamar a bhios sinn ag radh ‘Ciamar a tha thu?’ anns na cànain sin. Chruthaich sinn brataich cuideachd.
Ealain
Bha sinn a’ cruthachadh dealbhan le bhith a’ cleachdadh ‘cross-hatching’.
Beachd Sgoileir:
Charlotte: Is toil leam ag ionnsachadh mu na diofar cànain agus ciamar a bhios sinn ag radh ‘Ciamar a tha thu’ sa cànain sin.