Clas 1Uaine

Tha seachdain mhath eile air a bhith aig C1 an t-seachdain seo, làn de thìde a-muigh a’ faighinn tlachd às an aimsir mhath. An ath-sheachdain bidh C1 ag ionnsachadh na trì fuaimean mu dheireadh den aibidil Ghàidhlig. Ionnsaichidh iad; e, è agus h. Ionnsaichidh iad mar a nì thu am fuaim seo, mar a sgrìobhas tu e agus dè na faclan a tha co-cheangailte ris.

Eisimpleirean de; e (he)
Eisimpleirean de è; èist (listen)
Gu mì-fhortanach chan eil fuaim aig ‘h’ ann an Gàidhlig ach ionnsaichidh an clas mar a sgrìobbhas iad an litir seo gu ceart.

Seo ceangal gu bhidio math mu na fuaimean shingilte ; https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=2

Bidh an clas cuideachd ag ionnsachadh prìomh abairtean de sgeulachdan gus an cuideachadh le bhith a’ dealbhadh an sgeulachdan fhèin. Mar eisimpleir, Uair a bha siud (once upon a tiem), an uairsin (and then), mu dheireadh  (at the end).
Ann an àireamhachd tha an clas ag ionnsachadh mar a bhios iad a’  cunntadh àireamhan mu seach air adhart agus air ais, agus mar a chuireas iad àireamhan ann an òrdugh.
Bidh toiseach tòiseachaidh aca cuideachd air co-chothromachd agus dè tha seo a’ ciallachadh.
Seo ceangal math mu cho-chothromachd; https://www.topmarks.co.uk/symmetry/symmetry-matching
Deireadh seachdain math dhuibh 🙂

Continue reading “Clas 1Uaine”

Clas 1 Uaine

Bha seachdain mhath againn san sgoil agus tha seachdain inntinneach ùr romhainn. Bidh an clas ag ionnsachadh dà fhuaim ùr, b agus t. Ionnsaichidh iad mar a nì thu am fuaim seo, mar a sgrìobhas tu e agus dè na faclan a tha co-cheangailte ris.  


Eisimpleirean de dh’fhaclan le b; buidhe (yellow) agus bò (cow)  

Eisimpleirean de fhaclan le t; tùr (tower) agus trèan (train)  

Ann an àireamhachd tha an clas ag ionnsachadh cànan stiùiridh, air adhart (straight),air ais (backwards), clì(left) agus deas (right).  

Bidh iad a’ cleachdadh beetbots gus cuideachadh le bhith ag adhartachadh an ionnsachaidh seo. Seo cuid de na ceanglaichean a bhiodh feumail dhut airson an ionnsachaidh seo;  

https://www.mathplayground.com/code_builder.html  

https://www.starfall.com/h/geometry/3D-space/?  

Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain mhath agad 🙂 Continue reading “Clas 1 Uaine”

Hàlo a h-uile

Bha e uabhasach snog an clas fhaicinn a’ tilleadh don sgoil an t-seachdain seo. Cha robh e fada gus an robh a h-uile duine stòlda, toilichte air ais a’ cluich le an caraidean. Dh’ionnsaich an clas na fonaigs r, s, f agus i. Leugh sinn cuideachd an sgeulachd ‘Seoc agus a phonair’ a chòrd riutha. Ann an àireamhachd, dh’ionnsaich sinn barrachd mu chànan suidheachaidh agus mar a dh’fhaodadh sinn cunntadh air adhart bho ghrunn. An ath sheachdain, ionnsaichidh an clas dà fhuaim ùr, ì agus l. Ionnsaichidh iad mu na faclan anns a bheil na fuaimean sin.   

Mar eisimpleir; ìm (ìm) agus tì (tì) Mar eisimpleir; loilidh (lolly) agus lampa (lampa)  

An ath sheachdain, ionnsaichidh sinn cuideachd mu bhith a’ cur dà chruinneachadh de chunntairean còmhla, cànan stiùiridh agus s e àireamh na seachdain 17.   

Deireadh seachdainmath dhut.

Continue reading “Hàlo a h-uile”

Clas 1 Uaine

Hàlo clas Uaine. Ciamar a tha sibh? Dè an latha a th ann an-duigh? ’S e diluain a th ann an-duigh.
Tha mi an dòchas gum bi latha math agad 😊

Hello clas Uaine. How are you? What day is it today? It is Monday today. I hope you have a good day. 😊

Clas Uaine

Hàlo clas Uaine. Tha mi an dòchas gu bheil sibh gu math. An dè rinn mi cèic banana agus seoclaid. An do rinn sibh cèic no aran? Mar sin leibh an-drasta!

Hello clas Uaine. I hope you are well. Yesterday I made banana and chocolate cake. Have you made cake or bead? Good bye for now!!!