Clas 3/2 deiseil airson ionnsachadh aig an taigh

Fàilte dhan bhlog againn!

‘S ann an seo a bhios mi a’ cur gach fiosrachadh a dh’fheumas tu airson ionnsachadh, bho Dhimairt an ath sheachdain.  ‘S e rudeigin gu tur ùr a tha seo ach tha mi an dòchas gum bidh beagan spòrs againn leis a seo.

 

A’ dèanamh fiughair ris a’ chiad phost Dimàirt!

Le gach deagh dhùrachd,

Miss Bloomer

Tidsear C3/2

 

Welcome to the Clas 3/2 blog!

This is where I will post all the information you will need for our home learning, to support what you already have in your packs.  This is something totally new but I hope that it will be fun and a bit of an adventure for all of us in uncertain times.

 

Looking forward to the first post on Tuesday!

Le gach deagh dhùrachd,

Miss Bloomer

Clas 3/2 Teacher

Clas 3/2: 02.03.20 gu 06.03.20

An teirm seo ann an spòrs, tha sinn a’ cluich geamannan sgioba. Thòisich sinn le hocaidh agus rinn sinn tòrr practas air sìneadh am balla gu chèile, ag iomain na buill , feuchainn tadhal agus toirt am ball bho dhaoine eile gu sàbhailte. An uair sin, rinn sinn farpais beag eadarinn. An-dràsta tha sinn a’ tòiseachadh le ball-coise.

Thòisich Am Mart an t-seachdain seo agus mar sin bhruidhinn sinn mu dhèidhinn an t-Earrach sa chlas. Leugh sinn fiosrachaidh mu dhèidhinn agus an uair sin, sgrìobh Clas 3 aithisg air an Earrach le dealbhan agus fiosrachaidh. Dh’ionnsaigh sinn gu bheil beatha ùr timcheall oirnn aig an àm sin dhen bhliadhna le beathaichean ùra agus flùraichean a’ fàs a-rithist as dèidh a’ Gheamhraidh.

Thòisich sinn le ar cuspair ùr cuideachd agus chruathaich sinn teaghlaichean Lochlannaich leis na daoine eile sa Chlas. Thagh sinn ainmean dhuinn fhèin agus rinn sinn sgiath dhan teaghlach againne. Bha e spòrsail a bhith ag obair mar sgioba.

Aig chruinneachadh Dihaoine, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn “Coiseachd Ciallach (Fantastic Walking)” a bhios a’ tòiseachadh san sgoil air fad an ath-sheachdain. Tha sinn an dòchas gun urrainn dhuinn duais a bhuannachadh mar chlas!

Tìoraidh an-dràsta!

Bho Clas 3/2

Clas 3/2 Cuspair ùr

‘S e seo an t-seachdain mu dheireidh againn leis ar cuspair  Saidheans anns na Naidheachdan agus bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn an Artaig an t-seachdain seo.

Rinn sinn bileagan fiosrachaidh mu dheidhinn beathaichean a bhios a’ fuireach an-sin.

An uairsin, rinn sinn dealbhan de na fir-chlis agus dhe na beathaichean. Seall orra!!

Diardaoin, thoisich sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn an cuspair ùr againne – Na Lochlainnich- agus bha tòrr cheistean againn. Tha sinn an dòchas gum faigh sinn a-mach na freagairtean sna seachdainnean a tha romhainn.

Tìoraidh an-dràsta,

Clas 3/2

Ceud latha seachad ann an Clas 3/2

 

O chionn tòiseachd na bliadhna, tha Clas 3/2 air a bhith a’ cunntadh cia mheud latha a chaidh seachad. B’ e an 29mh den Fhaoilleach 2020 an 100mh latha sa bhliadhna sgoile seo.

 

 

 

 

 

Rinn sinn tòrr rudan airson an latha a chomharraicheadh agus thagh sinn na bha sinn ag iarraidh a dhèanamh.

 

 

 

 

 

A’ chiad char sa mhadainn rinn sinn 100 mar àireamh an latha agus smaoinich sinn mu dheidhinn na dòighean eadar-dhealaichte airson 100 a dhèanamh.

 

 

 

An uairsin rinn sinn ceud pìosan de rudan diofraichte, m.e. rinn sinn paper chain le 100 pìosan agus rinn sinn 100 pìosan origami cuideachd.

 

 

 

Aig an taigh, chunnt sinn a-mach 100 rudan agus thug sinn a-steach iad. Anns an sgoil, chunnaic sinn dè thug a h-uile duine a-steach chun an taigh-tasgaidh àireamh againn. Bha e inntinneach faicinn mar a tha 100 rudan diofraichte coltach, bho rudan beaga mar leantailean, gu rudan nas motha mar Haribos.

Chòrd an 100mh latha rinn uile.

Tìoraidh bho,

Clas 3/2

 

 

Term 2 in Clas 3/2

Gheibh sibh an seo sealladh farsaing air na tha Clas 3/2 ris air an teirm seo | Please find attached some information on what P3/2 are learning this term.

Please note that there are overviews for both P2 and P3 attached and while there is a lot of overlap, where they differ the children will be covering the sections relevant to them.

Clas 2 Term 2

Clas 3 Term 2

Clas 3/2 ag ionnsachadh mu dheidhinn Lìte

An teirm seo ‘s e “Lìte: Ar Coimhearsnachd” a th’ anns a’ phroiseact againn. Rinn sinn mapaichean dhen àite agus dealbhan de Chladach  Lìte.

Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn na tramaichean agus dè cho fad ‘s a tha iad air a bhith gan togail. Bha deaspad againn mun deidhinn agus bha tòrr bheachdan againn airson agus an aghadh na tramaichean.

Bhruidhinn sinn cuideacdhd mu dheidhinn an iomairt “Sàbhail Leith Walk” agus smaoinich sinn mu dheidhinn na ‘s urrainn dhuinn a dhèanamh leis na togalaichean a tha seo. Bu toil leinn pàirc ùr agus amar snàmh a bhith ann, no dìreach buthan ùra.

Dh’íonnsaich sinn mu dheidhinn àm buain agus rinn sinn postairean mu dheidhinn. Choimhead sinn air bhidio mu dheidhinn bancaidhean bìdh agus thug sinn biadh a-steach airson am banca bìdh an-seo ann an Lìte.

 

Deagh shaor làithean dhuibh uile,

Clas 3/2

 

 

Fàilte gu Clas 3/2!

Halo a h-uile duine agus fàilte gu blog Clas 3/2!

Tha mi duilich nach do sgrìobh sinn Blog fhathast am bliadhna ach tha mi a’ gealltainn dhuibh gum bi fear ann gach seachdain bho seo a-mach! Tha an Clar-àma (timetable) airson a’ chlas agus an Powerpoint bho oidhche Coinnich An Tidsear (Meet the Teacher) ceangailte gu h-ìosal.

 

Tha sinn air a bhith trang ann an Clas 3/2 – ag ionnsachadh mu dheidhinn cumaidhean agus gan cur ri chèile airson dealbhan agus pàtrain a chruthachadh.

 

   

 

Rinn Clas 3 geamannan buird cuideachd airson sùil a thoirt air ais air Faclan Cumanta 1 agus bha tòrr spòrs againn gan cluich.

 

   

Clas 32 Meet the teacher

Timetable C32

Tìoraidh,

Miss Bloomer & Clas 3/2