C4B 27.10-30.10

An t-seachdain seo, bha sinn a’ cumail Mìos Eachdraidh Dubha agus dh’ionnsaigh sinn mu dhaoine dubha Albannach ainmeil. Sgrìobh sinn tachartasan mun deidhinn.
 
Ann an àireamhachd, rinn sinn tòrr obair air na clàran uiread 2, 3 is 4. Cumaidh sinn a’ dol leis na clàran uiread eile sna seachdainean a tha romhainn.​
 
Air Dihaoine, thàinig sinn dhan sgoil ann an aodach brèige agus bha tòrr spòrs againn!
 
Dùrachdan Oidhche Shamhna bho
Clas 4B

C4B 12.10 – 16.10

An t-seachdain seo bha sinn ag obair air clàran uiread agus roinn. Rinn sinn plana àitichean suidhe a’ chlas còmhla agus bha tòrr spòrs againn. Dh’ionnsaigh sinn mu dheidhinn ceistean le còrr cuideachd.
Ann an spòrs, tha sinn ag ionnsachadh mu thìr-stiùireadh agus an t-seachdain seo rinn sinn dùbhlan ‘Pokemon GO’ san raon chluich.
Tha sinn an dòchas gum bi deagh shaor-làithean agaibhse uile.
Tìoraidh bho Clas 4B

C4B 05.10 – 09.10

An t-seachdain seo ann an Àireamhachd, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn uiread agus roinn. Bha sinn a’ dèanamh cinnteach gun robh buidhnnean co-ionnan againn. Smaoinich sinn air cia mheud bòrd a dh’fheumamaid airson ar clas nam biodh sinn a’ cleachdadh buird le cumaidhean eadar-dhealaichte.
Ann an Slàinte is Sunnd bhruidhinn sinn mu dhaoine ainmeil aig a bheil beachd-inntinn fhàis. Dh’ionnsaich sinn mun trioblaid a bh’ aca agus mar a chùm iad a’ dol agus mar a bha iad soirbheachail mu dheireadh thall. Rinn sinn postairean airson na daoine sin a  shealltainn.
Aig àm-cluiche Diardaoin, chluich sinn gèama rugbaidh – nigheanan an aghaidh balaich. Bhuannaich na balaich ach bha tòrr spòrs againn uile agus bha sinn gu math sgìth as a dhèidh!
Tìoraidh an-dràsta bho,
Clas 4B

C4B 28.09 – 02.10

An t-seachdain seo, sgrìobh sinn pàipear-naidheachd mu Goldilocks. Chuir sinn ceistean oirre mun latha a bh’ aice anns a’ choille.

 

Ann an cuspair, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn sreath-bìdh agus  rinn sinn dealbhan a’ sealltainn sreathan. Dhealbh sinn beathaich le beathaich eile na bheul! An uairsin dhealbh sinn beathaichean eile na bheul cuideachd! Seall air na dealbhan gu h-ìosal!
Dh’ionnsaich sinn cuideachd mu dheidhinn na daoine a tha a’ fuireach anns a’ choille-uisge. Dh’ionnsaich sinn gu bheul tòrr treubhan ann agus gu bheil iad ann an cunnart air sgàth ‘s gu bheil daoine a’ geàrradh sìos nan craobhan.
Tìoraidh,
Clas 4B

C4B 21.09 -25.09

An t-seachdain seo ann an Slàinte is Sunnd smaoinich sinn air na rudan a tha sinn airson ionnsachadh agus a tha sinn airson a dhèanamh nas fheàrr. Dh’ionnsaich sinn gun fheum sinn tòrr practas a dhèanamh gus sgilean ùr fhaighinn.
Sgrìobh sinn litrichean thaing mun choille uisge. Bha sinn a’ smaoineachadh mu na bhiodh Cò-thu Cò-dhiù ag ràdh ri Meusiadh airson taing a thoirt dhi airson na coille uisge a shàbhaladh.
Aig àm-cluiche chluich sinn gèama ball-coise ri chèile. Bha spòrs againn a bhith a chluich uile ri chèile.

Tìoridh bho,

Clas 4B

C4B 14.09-18.09.20

Ann an C4B tha sinn a’ dèanamh practas air Faclan Cumanta 2 ann an Litreachadh an teirm seo. Tha sinn a’ fàs nas misneachaile leis na faclan sin. An t-seachdain seo bha sinn ag obair air na faclan: leam, a-mach, a’ cluich, agam agus aon.
 
 
Ann an cuspair, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn a’ chuairt uisge.  Bhruidhinn sinn mu dheidhinn an turas aig uisge, bhon mhuir, suas do na sgòthan agus air ais dhan talamh. Rinn sinn cuairt-uisge airson a’ chlas le baga plastaig agus chunnaic sinn an deatachadh (evaporation) agus an co-dhlùthachadh (condensation).
 
Tìoraidh an-dràsta,
Clas 4B

C4B 07.09-11.09.20

An t-seachdain seo, dh’ionnsaich sinn mu bheathaichean na coille-uisge agus chruthaich sinn beathaichean ùra a bhiodh a’ fuireach an sin. Smaoinich sinn mu dheidhinn na a dh’itheadh iad, far am fuiricheadh iad agus dè na rudan a bhiodh gan cuideachadh a bhith beò san àrainn sin.

Thàinig A’ Bh-uas Fee a chèilidh oirnn an t-seachdain seo cuideachd. Bha sinn ag ionnsachadh mar a chleachdas sinn ar corp airson gluasaidean eadar-dhealaichte a dhèanamh. Bha tòrr spòrs againn còmhla rithe.

Tìoraidh an-drasta,

Clas 4B

C4B Meet the Teacher

Welcome to Clas 4B!

Here is a short video to outline some basic information about life in our class which would normally be shared at the Meet the Teacher evening. I hope that you will find it useful and that we have a great yer ahead of us! Below you will also find a link to our class timetable to give you an idea of what your child will be up to each day.

C4B Timetable

Tìoraidh bho,

Miss Bloomer

31.08.20 – 04.09.20 ann an Clas 4B

An t-seachdain seo, dh’ionnsaich sinn mu chumaidhean chunbhalach is neo-cunbhalach. A-nis tha sinn eòlach air an diofar eadar cumaidhean chunbhalach is cumaidhean neo-chunbhalach agus ‘s urrainn dhuinn an cur anns na buidhnean aca.

Chùm sinn oirnn leis a’ phròiseact againn mu Meusaidh anns a’ Choille Uisge agus rinn sinn dealbhan. Bha sinn a’ smaoineachadh air na bhios Meusaidh a’ faicinn tron uinneig aice. Seall air na dealbhan àlainn gu h-àrd!

Tìoraidh an-dràsta bho,

Clas 4B