ST 14.6.21

Rinn sinn làmhan airson a Bh’ uas Nic Diughaill, ar tisear ùr!

Bha partaidh airson a Bh’uas Nic Phail agus bha ceòl agus dannsa ann.

Choimhead sinn an geama ball-coise aig Alba air Diluain.

Bhuannaich na ‘Fearless Parrot Pigs’ an  t-seachdain sa chaidh ach an t-seachdain sa bhuannaich Na Slushies!

An-diugh, rinn sinn luth-chleasachd. Seall ar sgilean!

IMG_2304

IMG_2299

Tioraidh Miss Drysdale!

Bha sinn fortanach gun robh tidsear eile againn sa chlas, ach brònach gun do dh’ fhàg i! Bha partaidh againn.

Tioraidh Miss Drysdale! Bidh sinn gad ionndrainn!

 

ST 25.05.21

Tha tidsear ùr againn, Miss Drysdale! Cuideachd, tha mascot ùr againn leis an t-ainm Patrick.

Rinn sinn tomhas anns an raon-chluiche.

Chluich sinn Quidditch leis an snitch,

Rinn sinn plana airson an crè againn,

Sgrìobh sinn sgeulachdan Beurla. Chan urrainn dhuinn càil eile a ràdh, ach gun d’fhuair A Bh-Uas NicPhàil agus Dr Jones na peansailean aca air ais…

Rinn sinn saidheans.

An t-seachdainn-sa chaidh, chuir sinn cress.

Mu dheireadh, fhuair sinn pen pals ann an Leòdhas! Tha sinn a’ sgrìobhadh litreachan air-ais dhaibh.

ST 9.5.21

Ann an spòrs, thòisich sinn air luth-chleasachd. Cuideach, chùm sinn oirnn le Quidditch.

Chriochnaich sinn an leabhar againn. ‘S e ‘Danny the Champion of the World’ a bh’ ann. ‘S e leabhar math a bh’ ann.

Anns an raon-cluiche, thoisich sinn  air geama ùr leis an t-ainm ‘creepy dolls’.

Tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn ar bhodhaig. Rinn sinn structuran agus smaoinich sinn mu dhiedhinn mar a tha ar cnaimhneach ag obair.

Sgrìobh sinn sgeulachd cruthachail mu dheidhinn Abe agus Alba. Chan eil
fios againn far a bheil na peansailan agus rubairen againn air a dhol! Saoil an e Abe agus Alba as coireach?

Seo ar sàr sgriobhadairean; Baxter, Islay Rose agus Oliver.

ST 15.3.21

Tha sinn air ais san sgoil- yay!

Rinn sinn craobhan pointism. Seall na rinn sinn.

Rinn sinn experiment le deigh, salainn agus siùcar. Bha sinn airson faighinn a-mach dè a tha toirt air deigh leaghadh.
 
Tha sinn gu bhith deiseal leis an leabhar againn. Bha tòrr cliffhangers ann. Tha sinn 9 miosan trath airson leabhar na Nollaige no 3 miosan fadalach.

Cuideachd, rinn sinn spòrs le Jess. Abair spòrs a bh’ againn.

‘S e Là Naomh Padraig a bh’ ann air Diciadain. Bha sinn cho fortanach gun d’ fhuair sinn taisbeanadh de dhannsa Èireannach gu math sònraichte bho Ailis agus Eilidh. Bha iad sònraichte math.

Thòisich sinn proiseact ùr- Dùn Èideann.
Mu dheireadh, chruthaich sinn tùir le Lego. Bha sinn airson faighinn a-mach dè an tùr a bu làidire. Chuir sinn leabhraichean orra gus faicinn. Dh’fheumadh sinn obrachadh mar sgioba.

Fhuair Ailis Gaisgeach na Gàidhlig- abair rionnag!