C4S | 29.03.21 – 01.04.21

Rinn sinn geamannan matamataig agus dh’ionnsaich sinn an diofar eadar clocan didseatach agus analogach. 

Rinn sinn fhèin -dhealbhan agus sgrìobh sinn na rudan is toil leinn. Dh’innis sinn dhan tidsear ùr againn, Ms MacDougall mu dheidhinn na rudan a tha sònraichte dhuinn. 

Cuideachd, airson ealain, rinn sinn dealbhan dathach, air a bhrosnachadh le Rob Hain.  Bha e cho spòrsail. 

Chleachd sinn an atlas an t-saoghail agus dh’ionnsaich sinn tòrr fiosrachaidh mu dhiofair dhùthchannan. 

Bidh sinn ag ionndrainn Ms Souter gu mòr. Tha sinn an dòchas gum bi a h-uile rud sgoinneil san t-Eilean Sgitheanach. 

Mu dheireadh rinn sinn am blog 😊 

 

C4S | 22.03.21 – 26.03.21

Bha sinn a’ dèanamh roinneadh agus uiread.  

Dh’ionnsaich sinn mun uair air cloc didseatach 

Bha dithis anns a’ chlas gar teagasg mu dheidhinn bholcànothan 

Rinn sinn sruthan-chlàr ag innse mu dhiofar bracaistean.  

Airson spòrs an t-seachdain seo bha Jess còmhla rinn bho Active sports 

Sgrìobh sinn cuideachd mu dheidhinn Dùn Èideann. Bha sinn a’ sgrìobhadh air rudan ainmeil ann an Dùn Èideann 

Mu dheireadh rinn sinn am blog 🙂

C4S | 15.03.21 – 19.03.21

Rinn sinn spòrs an t-seachdain seo – bha sinn ag obair air ar sgilean buidhne. Agus rinn sinn diofar gheamannan mar an geama far an robh sinn a’ cur bhàlaichean eadar ar glùinean agus dh’fheumadh sinn an faighinn gu hoola hoop 

Tha sinn air a bhith a’ leughadh ann am Beurla agus Gàidhlig

Airson Slàinte agus Sunnd rinn sinn craobhan mar deidhinn fhèin 

Rinn sinn obair as dèidh ionnsachadh aig an taigh airson matamataig – an uair agus roinneadh 

Tha cuspair ùr againn anns a bheil sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn Dhùn Èideann. Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn am baile fon talamh. Airson sin bha sinn ag ullachadh airson bileag a sgrìobhadh. Thagh sinn aon rud air an sgrìobhadh sinn. Bha sinn a’ feuchainn ri paragraf a dhèanamh 

Rinn sinn measaidhean litreachaidh cuideachd 

Rinn sinn am blog cuideachd. Tha sinn a’ faireachdainn toilichte agus sgìth😊